A Rìbhinn Òig, Nach Fan Thu Rium

Òran air a sgrìobhadh le: neo-aithnichte agus air a sheinn le: neo-aithnichte.

This is a song written by: neo-aithnichte and sung by: neo-aithnichte.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

A rìbhinn òig, nach fan thu rium,
A rìbhinn òig an cluinn thu?
An cluinn thu rìbhinn mheall-shùileach
Mar tha mi sgìth gad ionndrainn.

O 's mis' tha sgìth dhan obair seo
A' seòladh air na cuaintean,
'S mi bhith fo smachd oifigear
Ga mo chumail as a' chruadail.

An Cuan a Siar, cha toigh leam e,
Ga chrosaigeadh sa gheamhradh,
Sneachd is reothadh 's gaoithtean,
'S mi gun saorsa gus an till mi.

O tha mi nis a' crìochnachadh
'S ri dùnadh suas na rainn seo,
Le bhith cuir pòg blàth thugad
A-null thar sàile, mhaighdeann.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.