Coimiseanadh tro mheadhan na Gàidhlig

Tha BBC ALBA a’ sireadh susbaint do luchd-amhairc na Gàidhlig a tha fìrinneach, brìoghmhor agus a nì ceangal buadhmhor le daoine. Tha sinn àrd-amasach agus a’ coimhead a-mach dhan t-saoghal, le rùn ar cànan agus ar cultar a thaisbeanadh do luchd-cleachdaidh nas fharsainge. Tha sinn a’ sireadh mholaidhean airson susbaint buadhach a bhios tarraingeach do luchd-amhairc de gach aois, cho math ri beachdan cruthachail a choisinneas cliù.

 

PRIOMHACHAS COIMISEANAIDH: AITHRISEACH

1. PRÒGRAMAN-AITHRISEACH

 

  • Cuspair an t-sreath: DÒCHAS
  • Fad: 30, 45 mionaidean
  • Àm: 8.30f, 9f

 

Ann an saoghal mì-chinnteach agus sgaraichte, càite an lorg sinn dòchas?

Tha BBC ALBA a’ sireadh phrògraman-aithriseach dàna, ùr agus brosnachail fon chuspair ‘Dòchas’. ’S e sreath de dh’fhilmichean fa-leth a bhios an seo, bho chompanaidhean eadar-dhealaichte, mu dhaoine, àiteachan, ùidhean agus amannan ris nach robh dùil, a tha a’ toirt adhbharan dhuinn a bhith a’ creidsinn agus dòchasach. Coma leibh cianalas ’s e Dòchas dha-rìreabh a tha seo. Tha sinn a’ lorg bheachdan sònraichte a ghlacas aire agus aig a bheil comas air luchd-amhairc farsaing a thàladh thar àrd-ùrlaran BBC ALBA, a’ gabhail a-steach craoladh traidiseanta, iPlayer agus YouTube, le susbaint dhidseatach shònraichte na chois.

 

Clàr-phrìs: Suas gu £40k gach 30-mionaid

Lìbhrigeadh: Giblean 2027

Faodaidh companaidhean barrachd air aona bheachd a chur a-steach.

 

2. PRÒGRAMAN AITHRISEACH

 

  • Filmichean Fa-leth
  • Fad: 60, 75, 90 mionaid
  • Àm: 9.00,10.00f

Tha BBC ALBA a’ sireadh sgeulachdan a sheasas a-mach anns a’ chlàir-ama, a bheir air daoine stad a’ sgroladh, agus a bheir oirnn còmhradh.

Tha sinn a’ sireadh bheachdan airson prògram-aithriseach sònraichte, uair a thìde, no barrachd, a dh’fhaid, a bhios dàna agus ùr-nòsach, prògram a ghlacas aire an luchd-amhairc, a bhrosnaicheas còmhraidhean agus a chumas daoine a’ bruidhinn fada às dèidh don phrògram tighinn gu crìch. Cuiribh thugainn ur sgeulachdan air leth, seallaibh dhuinn na caractaran àraid agaibh agus na biodh eagal oirbh an taisbeanadh ann an dòigh ùr is misneachail. Tha Alba làn de sgeulachdan, de charactaran air leth agus de thàlant riochdachaidh air leth math. Tha sinn airson prògram-aithriseil a choimiseanadh a chuireas iongnadh oirnn, a bheireas buaidh oirnn, a bheireas dùbhlan dhuinn, no a dh’atharraicheas an dòigh sa bheil sinn a’ coimhead air an t-saoghal.

Clàr-phrìs: Suas gu £80k gach 60 mionaid

Lìbhrigeadh: Ògmhios 2027

 

PRÌOMHACHAS COIMISEANAIDH: DIBHEARSAIN FHÌRINNEACH

3. DIBHEARSAN FHÌRINNEACH

 

  • Sreathan a dh’fhaodadh tilleadh
  • Fad: 6/8 x 30 mion
  • Àm: 8.30, 9.00, 10.00f

 

Tha BBC ALBA a’ sireadh sreathan ann an cruth Dibhearsain Fhìrinneach (Fact Ent) a bhios a’ cleachdadh DNA na h-Alba agus a tha ann an aire a mhòr shluaidh gus TBh tarraingeach a chruthachadh air feadh Alba agus nas fhaide air falbh. Tha sinn ag iarraidh beachdan mòra, tàlant inntinneach agus measgachadh soirbheachail de bheatha fhìor agus dibhearsain, a chòrdas ris an teaghlach gu lèir, leis a’ chomas a bhith buain is maireannach. Sreath ath-aithriseach, aithnichte a thogas luchd-amharc dìleas, a thig gu bhith na bhrannd gràdhach agus a bhios na uinneag-bhùtha airson BBC ALBA thar àrd-ùrlaran loidhneach, iPlayer, YouTube agus didseatach. Smaoinich air dibhearsain, furasta a thuigsinn agus air a thogail gus maireachdainn.

Bu chòir do mholaidhean beachdachadh air a’ chomas airson co-choimiseanadh còmhla ri Èirinn agus a’ Chuimrigh.

Clàr-phrìs: Suas gu £240k airson 6 × 30-mion earrannan, a’ gabhail a-steach eileamaidean didseatach airson na meadhanan sòisealta a-mhàin.

Lìbhrigeadh: Ògmhios 2027

 

PRÌOMHACHAS COIMISEANAIDH: PODCASTAN BHIDEO

4. PODCASTAN BHIDEO

 

  • Sreathan
  • Fad: Diofraichte a rèir an t-susbaint
  • Ùrlar: YouTube, iPlayer, BBC Sounds

 

Tha BBC ALBA a’ sireadh sreathan ùra ‘VOD-CAST’ a tha dàna, dathach, air leth tarraingeach, agus a tha ag amas gu sònraichte air daoine òga, agus luchd-cleachdaidh ùra. Luchd-èisteachd a tha a’ coimhead, a’ roinn agus a’ bruidhinn air-loidhne an-dràsta fhèin.

Tha sinn a’ lorg podcastan bhideo (vodcasts) aig a bheil pearsantachd, ruitheam, beachdan làidir agus rudeigin cudromach ri ràdh. Chan e telebhisean a tha seo air a dhinneadh a-steach gu sgrion fòn. Tha sinn ag iarraidh susbaint a tha air a dhealbhadh gu sònraichte airson an t-saoghail dhidseatach, rudeigin a tha cruthachail a thaobh lèirsinn, làn lùths, èibhinn, buntainneach don latha an-diugh agus doirbh a sheachnadh.

Smaoinich air còmhraidhean mòra. Beachdan làidir. Aoighean ris nach robh dùil. Caractaran air leth. Cultar. Ceòl. Spòrs. Dàimhean. Dearbh-aithne. Na cuspairean air a bheil daoine òga a’ bruidhinn an-dràsta.

Thoir gàire oirnn. Thoir oirnn deasbad a thogail. Thoir oirnn smaoineachadh. Thoir oirnn a cho-roinn.

Prìs: ri aontachadh a rèir an t-susbaint

Lìbhrigeadh: Giblean 2027

 

PRÌOMHACHAS COIMISEANAIDH: CEANGLAICHEAN CRUTHACHAIL

5. BBC ALBA ANN AN CÒIG

 

Tha sinn ag iarraidh gum bi BBC ALBA follaiseach anns gach àite, air an sgrìn, air an t-sruth-fhiosrachaidh agad agus a-muigh san t-saoghal!

Tha sinn a’ sireadh sreath de 20 criomag ghoirid (20-30 diog) a tha beòthail, eadar-mheasgte agus tarraingeach a thaobh lèirsinn, stèidhichte air aon cheist mhòr: “BBC ALBA ann an còig!” Smaoinich air misneachd, a bhith èibhinn, dathach, pearsantachd agus deagh dhòs de dhibhearsan is spòrs. ’S e criomagan goirid, brìgheil agus ealanta a tha a dhìth oirnn, a nochdas eadar prògraman, iPlayer agus a sgaoileas gu luath air TikTok, Instagram agus YouTube. Gabhar ri susbaint co-cheangailte ri amannan na bliadhna m.e. àm na Nollaig cuideachd.

Dèan e do-dhèanta BBC ALBA a’ sheachnadh!

NB: Thèid an cothrom seo a bhuileachadh air aon chompanaidh a-mhàin gus cumail ri leantainneachd chruthachail.

Clàr phrìs: £20k

Lìbhrigeadh: Giblean 2027

 

PRÌOMHACHAS COIMISEANAIDH: SREATHAN YOUTUBE

6. SREATHAN YOUTUBE

  • Fad: diofraichte bho 8 – 25 mion
  • Ùrlar: YouTube, iPlayer

Tha BBC ALBA a’ sireadh bheachdan dàna, tarraingeach agus freagarrach airson an roinn, airson cruthan YouTube a tha ag amas air daoine eadar 18 agus 24 bliadhna a dh’aois.

Bho shreathan phrògraman fìrinneach le preasantairean sònraichte air a bheil aithne, san aon seòrsa stoidhle ri Somhairle Spins gu susbaint-aithriseach a tha ag amas air daoine òga, leithid The Bubble, tha BBC ALBA a’ lorg bheachdan anns a bheil pearsantachdan air leth, sgeulachdan làidir agus tarraingeach do dhaoine òga.

Tha sinn ag iarraidh aoighean, preasantairean agus luchd-cruthachaidh aig a bheil cas a-steach gus saoghal daoine òga. Thoir dhuinn sgeulachdan air an stiùireadh le daoine seach cùisean a-mhàin, a tha a riochdachadh miann an luchd-amharc, a tha fiosraichte air cleachdaidhean seallaidh YouTube, agus air an lìbhrigeadh tro shùilean cultair na Gàidhlig.

Tha sinn a’ sireadh sgeulachdan dathte, sònraichte a chruthaicheas còmhradh, a thogas coimhearsnachdan timcheall air ùidhean co-roinnte agus a tha a’ faireachdainn gum buin iad do YouTube. Bidh molaidhean soirbheachail a’ taisbeanadh:

- Bun-bheachd sìmplidh, tiotal agus ìomhaigh gus ‘Earn the click’ a chosnadh.

- Buille tòiseachaidh a ghlacas aire gu luath, a chumas an luchd-cleachdaidh an sàs fad na h-ùine.

- Bu chòir prògraman a bhith air an cruthachadh gus seasamh leotha fhèin, a bharrachd air a bhith nam pàirt de shreath.

‘Coisinn cliog’. Thoir oirnn fuireach. Thoir oirnn a cho-roinn.

 

Clàr phrìs: a rèir beachdan an t-sreath

Dhaibhsan a tha ùr do bhith a’ cruthachadh airson YouTube, tha sinn a’ moladh coimhead air a seo: this ‘Best Practice’ video

 

________________________________________

FIOSRACHADH AGUS STIÙIREADH A BHARRACHD

CO-MHAOINEACHADH

Tha stòran maoineachaidh a bharrachd rim faotainn, leithid:

• Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail (Creative Scotland's Broadcast Content Fund)

• Faochadh chìsean (tro theisteanas creideasan cìse BFI)

• Maoin Sgrìn Chruinneil na RA aig BFI (BFI UK Global Screen Fund)

 

________________________________________

PRÒISEAS TAGRAIDH

Tha dà cheum ann:

1. Foirm-taice ùr a dh’fheumas gach riochdaire a lìonadh.

Gheibhear am foirm tron cheangal seo : BBC ALBA COMMISSIONING SUBMISSIONS - WINTER 2026/27 CALLOUT  

2. Bileag fiosrachaidh mun bheachd (editorial pitch document), a bu chòir cuideachd a chur gu: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

 

________________________________________

CINN-LATHA 

 

Ceann-latha airson bheachdan a chur a-steach: Diluain 9mh Samhain 2026 aig 5f.

Bruidhnidh an Sgioba Coimiseanaidh gu mionaideach air gach beachd, agus cuiridh iad air a’ gheàrr-liosta na beachdan as làidire agus as freagarraiche airson a’ chuairt seo.

Thèid coinneamhan a chur air dòigh le riochdairean nam pròiseactan air a’ gheàrr-liosta. Bidh seo na chothrom na beachdan a rannsachadh nas doimhne agus nas mionaidiche.

Thèid co-dhùnaidhean deireannach a’ sgaoileadh ro Dihaoine 27 Samhain 2026.

Bu chòir tagraidhean bheachdan, foirmean agus ceistean sam bith co-cheangailte ris a’ Chuairt Choimiseanaidh seo a chur gu Claire MacDonald agus Jennifer MacKenzie aig: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

COTHROM ÙR AIRSON FILMICHEAN FADA SA GHÀIDHLIG  A LEASACHADH

Tha MG ALBA agus BBC ALBA ann an com-pàirteachas le BBC Film agus Sgrìn Alba a' sireadh bheachdan leasachaidh airson filmichean fada sa Ghàidhlig.

Tha soirbheachas agus cliù filmichean Gaeilge leithid Arracht, An Cailín Ciúin agus Kneecap air luchd-cruthachaidh fhilmichean ann am mion-chànanan a bhrosnachadh. Cuideachd, tha filmichean a choisinn cliù eadar-nàiseanta leithid The Outrun, Aftersun agus film fosglaidh Fèis Film Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann na bliadhna sa, The Incomer, air cumhachd filmichean à Alba a thaisbeanadh. Tha sinn a' sireadh soirbheachas mar sin anns a' Ghàidhlig agus mar thoiseach tòiseachaidh tha sinn airson pròiseactan Gàidhlig a leasachadh airson am faicinn ann an taighean-dhealbh.

 

Àrd-amas

Tha sinn a' toirt cothrom do sgrìobhadairean a tha ag obair anns a' Ghàidhlig agus aig a bheil beachdan sònraichte obair a chruthachadh airson luchd-amhairc nan taighean-dhealbh san rìoghachd agus thall-thairis. 'S e cothrom a tha seo buaidh mhaireannach a dhèanamh, agus neart na Gàidhlig a thaisbeanadh aig fèisean film air feadh an t-saoghail.

 

Tàlant

Tha sinn airson obrachadh leis an luchd-cruthachaidh as fheàrr a tha ag obair sa Ghàidhlig. Tha a' ghairm seo fosgailte do sgrìobhadairean aig a bheil eòlas ann an sgrìobhadh airson sgrion, àrd-ùrlair no cruthan ficsean eile. Tha sinn cuideachd a' cur fàilte air tagraidhean bho chom-pàirteachasan eadar riochdairean is sgrìobhadairean.

 

Cànan

Chan eil sinn a' sireadh obair a chaidh eadar-theangachadh no sgrìobhadh a chaidh a chruthachadh an toiseach sa Bheurla. Tha sgrìobhadh a tha freumhaichte anns a' Ghàidhlig deatamach dhuinn.

Bu chòir don mhòr-chuid de chòmhradh sa bheachd a bhith sa Ghàidhlig ach bheir sinn sùil air cuibhreann de chànanan eile (a' gabhail a-steach Beurla) suas ri mu 20%.

 

Atharrachadh

Chuireadh sinn fàilte air tionndaidhean bho litreachais, ma tha còraichean an obair tùsail agaibh. Ma thathas a' moladh stuth nach robh sa Ghàidhlig bho thùs, feumar iomradh a thoirt air mar a bhios cruth is guth Gàidhlig ag atharrachadh bunait an obair tùsail.

 

Gnè

Tha sinn gu sònraichte a' sireadh sgeulachdan Ghàidhlig suidhichte anns an latha an-diugh. Tha seo na chothrom do sgrìobhadairean cuspairean a' lìbhrigeadh ann an dòigh nas pearsanta agus ùr-nòsach na bhiodh comasach ann am modhan nas traidiseanta.

Coimheadaidh sinn ri sgeulachdan eachdraidheil ma tha cothrom ceangal is dàimh a thogail leotha, agus ma tha iad air an dealbh airson an lìbhrigeadh ann an cruth film fada.

 

Buidseat

Tha a' ghairm seo airson beachdan filmichean fada as urrainn an lìbhrigeadh air buidseat eadar £1.5 agus £2 mhillean.

Ged is e leasachadh aig ìre thràth a tha seo, bu mhath leinn beachdan no pròiseactan fhaicinn aig a bheil cothrom maoineachadh a thàladh bho chom-pàirtichean eile leithid craoladairean, buidhnean sgrion agus companaidhean-sgaoilidh.

 

Na thathas a' tairgsinn

• Maoineachadh leasachaidh aig ìre thràth (taic leasachaidh pàighte, mu choinneimh cruthachadh a’ chiad dreach agus ath-sgrìobhadh).

• Taic cruthachail bho MG ALBA, Sgrìn Alba, BBC Film agus eòlaichean eile bho ghnìomhachas film.

• Slighe gu tuilleadh leasachadh a dh’ionnsaigh deisealachd ro riochdachadh tro na com-pàirtichean a tha an sàs.

 

TAGRAIDHEAN

Cò as urrainn tagradh a dhèanamh

Gabhaidh sinn ri iarrtasan bho sgrìobhadairean Gàidhlig no com-pàirteachasan sgrìobhaidh. Tha sinn fosgailte do thagraidhean bho sgiobaidhean sgrìobhadair/riochdaire.

 

Na tha sinn a' sireadh

• Geàrr-chunntas den sgeulachd (Mu 1,000 facal).

• CV no eachdraidh-beatha ghoirid.

• Eisimpleirean den obair agaibh ann an riochd sgrìobhte neo bhidio.

• Blasad de dhreach neo an stoidhle a tha sibh a sùileachadh airson an fhilm (Chan eil seo deatamach aig an ire-sa).

• Fios mu fheumalachdan sam bith.

• Feumaidh geàrr-chunntasan a bhith sa Ghàidhlig le eadar-theangachadh Beurla.

• Ma tha am beachd stèidhichte air obair litreachais, tha dearbhadh a dhìth gu bheil na còraichean rim faotainn.

• Chan eil beachdan a chaidh a chruthachadh le AI ceadaichte.

 

Cuiribh gach nì thugainn aig:

bbcalbacommissioning@bbc.co.uk ro 5f air 19 Dàmhair 2026.

Bidh pannal taghaidh ann le riochdairean bho MG ALBA, BBC ALBA, BBC Film agus Sgrìn Alba. Dh’fhaodadh iad coinneamh iarraidh gus barrachd fhaighinn a-mach mu na beachdan.

 

Thèid co-dhùnaidhean a' phannail mu na pròiseactan a thèid air adhart gu leasachadh pàighte an sgaoileadh air 16 Samhain 2026.

 

Thèid fiosrachadh a thoirt do gach tagraiche às dèidh sin.

 

Ma tha sgrìobhadairean soirbheachail agus gu bheil iad às aonais riochdaire mar chom-pàirtiche airson leasachadh, feuchaidh sinn ri ceangal a bhrosnachadh eadar sgrìobhadairean agus riochdairean a tha eòlach air lìbhrigeadh film.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun ghairm leasachaidh seo, cuiribh fios gu Bill MacLeòid.

 

 

 

CUAIRT COIMISEANAIDH PRÒGRAMAN AITHRISEACH            BBC ALBA, SAMHRADH 2026/27

Tha BBC ALBA airson prògraman a lìbhrigeadh a tha brìoghmhor agus air an cuir luchd-cleachdaidh na Gàidhlig aithne is luach. Tha sinn àrd-amasach, le sealladh farsaing, agus airson ar cànan is ar cultar a thaisbeanadh le misneachd. Tha sinn a’ sireadh mholaidhean airson prògraman aithriseach cumhachdach is dàna a bhios comasach air luchd-amhairc farsaing a thàladh, a thuilleadh air beachdan cruthachail a dh’fhaodadh aithne is cliù a chosnadh.

 

PRÌOMHACHASAN COIMISEANAIDH – Beachdan Aithriseach

• Tha sinn a’ sireadh beachdan aithriseach a bheir buaidh, le sgeulachdan tarraingeach agus caractaran làidir.

• Chuireadh sinn fàilte air beachdan le ceangal ri maoineadairean/craoladairean eile.

• Anns a’ chuairt seo chan eil sinn a’ sireadh bheachdan mu:

- cuspairean eachdraidheil

- sreathan cur-seachad

- cuirmean-ciùil

• Thèid cuairtean coimiseanaidh fhoillseachadh airson gnèithean eile tron bhliadhna.

 

PRÌOMHACHASAN CLÀIR

• Tha a' chuairt seo airson beachdan a thèid a lìbhrigeadh gu BBC ALBA tro geamhradh 2026/27 

• Tha sinn a’ sireadh bheachdan a tha tarraingeach ’s a ghlacas aire an luchd-amhairc aig 9f, ach a bheir buaidh air iPlayer cuideachd.

 

DREACH AGUS FAD

 • Beachdaichidh sinn air molaidhean airson prògraman fa-leth agus sreathan goirid.

 • Tha sinn sùbailte a thaobh faid nam prògraman

 • Beachdaichidh sinn air prògraman aithriseach nas fhaide a dh’fhaodadh a bhith air an taisbeanadh ann an taighean-dheilbh mus nochd iad air TBh loidhneach. Thathas an dùil gun tig prògraman aithriseach mar seo le co-mhaoineachadh no gum bi plana ionmhais co-mhaoineachaidh nan cois.

 

CO-MHAOINEACHADH 

Thèid prìomhachas a thoirt do bheachdan a tha ag amas air tuilleadh maoineachaidh bho leithid:

 • Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail 

https://www.creativescotland.com/funding/funding-programmes/targeted-funding/screen

 • Creideasan Cìse BFI 

https://www.bfi.org.uk/supporting-uk-film/british-certification-tax-relief

• Maoin Sgrion Cruinneil BFI 

https://www.bfi.org.uk/get-funding-support/funding-support-international-activity/uk-global-screen-fund-ukgsf

 

TAGRAIDHEAN

Tha sinn a’ cleachdadh foirm ùr a dh’fheumas gach riochdaire a lìonadh a-steach, cuide ri beachdan sam bith – seo ceangal BBC ALBA FACTUAL COMMISSIONING ROUND SUMMER 2026/27 – Fill in form

Tha seo a bharrachd air na tagraidhean sgrìobhte a chuireas sibh gu bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

 

CINN-LATHA AIRSON TAGRAIDHEAN

Ceann-latha airson beachdan: Dihaoine 22mh Cèitean 2026 aig 5f

Breithnichidh Sgioba Coimiseanaidh air na beachdan uile gu mionaideach gus geàrr-liosta den fheadhainn as freagarraiche agus as misneachaile a chruthachadh.

Thèid coinneamhan an cumail le riochdairean nam pròiseactan air a’ gheàrr-liosta. ’S e cothrom a bhios an seo sgrùdadh a dhèanamh air na tagraidhean ann am barrachd doimhneachd.

Tha sinn an dùil fiosrachadh a sgaoileadh mu ar co-dhùnaidhean coimiseanaidh ro Dihaoine 26mh Ògmhios 2026.

Bu chòir tagraidhean, foirmichean agus ceistean sam bith mun a’ Chuairt Choimiseanaidh seo a chur gu Claire NicDhòmhnaill agus Jennifer NicCoinnich aig: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

 

 

 

CUAIRT COIMISEANAIDH DIDSEATACH, SAMHRADH 2026

 

COTHROM ÙR DIDSEATACH SA GHÀIDHLIG

Tha BBC ALBA a’ sireadh bheachdan airson sreathan ùra didseatach airson YouTube agus BBC iPlayer, ann an gnèithean aithriseach agus cur-seachad, a tha ag amas air luchd-amhairc aois 18–24.

 

Le barrachd roghainn na bh’ ann a-riamh, tha e deatamach gum bi an t-susbaint seo a’ seasamh a-mach air ùrlaran didseatach. Bu chòir do bheachdan a bhith a’ faireachdainn ùr-nosach, dàna agus sònraichte ann an cuspair, stoidhle agus aithris, agus air an làimhseachadh bho shealladh òg.

 

Bu chòir do bheachdan a bhith a’ faireachdainn fìor agus a’ sealltainn mar a bhios Gàidheil òga beò san latha an-diugh ann an suidhichidhean dùthchail, bailteil agus ann an dùthaich sam bith.

 

Tha sinn a’ coimhead airson sreathan goirid le prògraman mu 8–15 mionaidean a dh’fhaid, air an cruthachadh gu sònraichte airson BBC ALBA YouTube agus BBC iPlayer.

 

Smaoinichibh air sreathan a dh’fhaodadh tilleadh, a tha tarraingeach le adhbhar soilleir airson luchd-amhairc a ghreimeachadh. Bu chòir dhaibh a bhith sgiobalta, dathteach agus misneachail, le blàths, innleachdas agus pearsantachd aig a’ chridhe (smaoinich air sreathan leithid Somhairle Spins agus Rudan Beaga Bòidheach le Niamh Mackinnon).

 

Tha ùidh shònraichte againn ann an sreathan le luchd-cruthachaidh Gàidhlig, aig a bheil luchd-leantainn air-loidhne mu thràth.

 

Tha sinn dealasach a thaobh tàlant Gàidhlig a leasachadh air agus air cùl an sgrìon, agus tha dearbh-aithne chultarail agus cànain riatanach. Bu chòir dhan Ghàidhlig a bhith a’ faireachdainn nàdarrach, misneachail agus ùr-nòsach. Tha dùil gum bi Gàidhlig acasan a bhios anns na prìomh dhreuchdan anns an criutha, far a bheil sin comasach.

 

CUSPAIREAN

Tha sinn fosgailte do raon farsaing de chuspairean, ach tha ùidh shònraichte againn ann am beachdan a bheir luach soilleir don luchd-amhairc agus a bhrosnaicheas com-pàirteachadh, còmhradh no ceangal. Dh’fhaodadh beachdan a bhith air aon no cuid dhe na roinnean gu h-ìosal:

• Toileachas agus Togail Às

Susbaint a tha spòrsail, dathteach agus a leigeas le luchd-amhairc òg ‘switch off’ a dhèanamh.

• Beatha is fèin-aithne

 Sgeulachdan a tha freumhaichte ann am beatha làitheil, plòidh, dàimhean agus eòlas pearsanta - a’ sealltainn mar a bhios daoine òga a’ làimhseachadh cànan, cultar, obair, cruthachalachd agus buinteanas.

• Ionnsachadh, iongantas & cothrom “gìceireachd” a dhèanamh

Beachdan ruigsinneach, aotrom a leigeas le daoine rudeigin ùr ionnsachadh - sgilean, raointean beatha sònraichte, fo-chultaran no seallaidhean eadar-dhealaichte, ann an dòigh spòrsail, pearsanta.

• Coimhearsnachd & ceangal

Susbaint a tha a’ brosnachadh com-pàirteachadh, agus còmhradh air nam meadhanan sòisealta; a’ brosnachadh dhaoine gus beachd a thoirt seachad le ceangal gum beatha fhèin agus an cuid caraidean.

• Beatha inbhich òga

 Sgeulachdan air an lìbhrigeadh no a’ taisbeanadh beatha dhaoine òga agus mar a tha iad a’ dèiligeadh le obair làitheil, airgead, fèin-aithne no cruthachas – bu chòir seo a bhith stèidhichte air eòlas pearsanta agus air a thoirt seachad le blàths, plòidh agus lèirsinn.

 

Chan eil sinn a’ coimhead airson cruthan TBh no modalan riochdachaidh traidiseanta. Bidh beachdan soirbheachail comasach an coileanadh air buidseatan didseatach, bidh stoidhle lèirsinneach, làidir aca agus bidh iad a’ tabhann susbaint ioma-ùrlar airson am brannd aca a bhith air ùrlaran BBC ALBA.

Bu chòir dhan a’ Ghàidhlig a bhith na prìomh cànan air an sgrìon ged a tha measgachadh cànain ceadaichte.

 

MAOINEACHADH 

Bidh buidseat mu £1k gach mionaid agus bhiodh dùil gum biodh riochdairean a’ dealbh phlanaichean dha rèir, no ag obair le luchd-maoineachaidh eile gus am buidseat riochdachaidh iomlan a mheudachadh. Maoineadairean leithid, Alba Chruthachailhttps://www.creativescotland.com/funding/funding-programmes/targeted-funding/screen

 

TAGRAIDHEAN

Tha sinn a’ cleachdadh foirm ùr a dh’fheumas gach riochdaire a lionadh a-steach, cuide ri beachdan sam bith – seo ceangal.

Tha seo a bharrachd air na tagraidhean sgrìobhte a chuireas sibh gu bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

 

CINN-LATHA AIRSON TAGRAIDHEAN

Ceann-latha airson beachdan: Dihaoine 22mh Cèitean 2026 aig 5f

Breithnichidh Sgioba Coimiseanaidh air na beachdan uile gu mionaideach gus geàrr-liosta den fheadhainn is freagarraich agus is misneachail a chruthachadh.

Thèid coinneamhan an cùmail le riochdairean nam pròiseactan air a’ gheàrr-liosta. ’S e cothrom a bhios an seo sgrùdadh a dhèanamh air na tagraidhean ann am barrachd doimhneachd.

Tha sinn an dùil fiosrachadh a sgaoileadh mu ar co-dhùnaidhean coimiseanaidh ro Dihaoine 26mh Ògmhios 2026.

Bu chòir tagraidhean, foirmichean agus ceistean sam bith mun a’ Chuairt Choimiseanaidh seo a chur gu Claire NicDhòmhnaill agus Jennifer NicCoinnich aig: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

 

 

Cò Sinn?

  • Ceannard Craoladh Gàidhlig & Caidreachas: Mairead Mairi Mhoireach 
  • Stiùiriche Leasachadh Susbaint: Mairead Chamshron 
  • Deasaiche Coimiseanaidh: Uilleam MacLeòid
  • Neach-coimiseanaidh: Fiona NicChoinnich
  • Neach-coimiseanaidh: Calum McConnell
Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: